29/04/2024
🚨 NEW GAELIC CRIME FICTION🚨
Bho bhuannaiche Duais Ghàidhlig nan Sgrìobhadairean Ùra
samhraidh san Ògmhios, 2004. Tha ceathrar deugairean a’ coiseachd air Slighe Chladach Fìobha faisg air Cill Rìmhinn nuair a gheibh tè dhiubh, Amy, lorg ai bann-làimhe eireachdail.
20 bliadhna an dèidh sin tha sreath ùr a’ nochdadh, Fuasgladh Cheist, anns am bithear a’ dèanamh sgrùdadh air bàsan amharasach. Sa chiad phrògram, tha Art Dawson a’ feuchainn ri freagairtean a lorg mu bàs a pheathar, Joni, a thuit far Slighe Chladach Fìobha san Ògmhios 2004. Cha robh esan a-riamh a’ creidsinn gum b’ e tubaist a bh’ ann: dè thachair dhi, agus càit an deach am bann-làimhe prìseil a bh’ oirre?
Cho luath ’s a chì Amy dealbh den bhann-làimhe air Fuasgladh Cheist, tha i ga aithneachadh. Cha robh for aice gum b’ ann ceangailte ri bàs nighinn òig a bha am pìos seudraidh, agus chan eil for aice dè nì e leis a-nis, is daoine a’ coimhead air a shon.
A bheil fios aig na triùir eile a bha còmhla ri Amy ann an 2004 dè thachair do Joni? Carson nach eil iad airson bruidhinn rithe mu dheidhinn an turais aca? Agus carson a tha cuideigin airson dèanamh cinnteach nach tèid am bann-làimhe a lorg idir?
'Far na Slighe' by Shelagh Chaimbeul is now available at all good bookshops
https://www.luath.co.uk/new-releases/far-na-slighe