12/03/2026
Leas-deasaiche – Loch Nam Madadh
Tha Storyboard Studios a’ sireadh Leas-deasaiche airson Loch Nam Madadh, am prògram ùr aca.
Bheir an Leas-deasaiche taic don sgioba iar-riochdachaidh le bhith a’ dèiligeadh ris an t-susbaint làitheil fhad ’s a tha e tighinn a-steach, a’ cumail smachd air faidhlichean a’ phròiseict, agus a’ cuideachadh an Deasaiche leis a’ ghearradh tron phròiseict. Tha e riatanach gum bi eòlas aig an neach seo air obair ann an iar-riochdachadh agus gu bheilear fileanta sa Ghàidhlig.
Bidh an dreuchd seo stèidhichte aig an àite filmidh còmhla ris a’ chriutha agus mar sin bu chòir do thagraichean a bhith comhfhurtail a bhith ag obair air falbh bhon ionad àbhaisteach aca airson an ùine air fad.
Feumaidh tagraichean a bhith ri fhaotainn airson obair bho 22 Màrt gu 8 Cèitean, agus comasach airson an obair a dhèanamh ann an Glaschu, Cille Bhrìghde an Ear agus costa Siorrachd Àir bho 22 Màrt gu 5 Giblean.
Tha Storyboard Studios Productions dealasach a thaobh iomadachd agus in-ghabhaltachd a bhrosnachadh, agus tha sinn a’ dèanamh cinnteach nach eil leth-bhreith sam bith taobh a-staigh a’ chompanaidh no air na riochdachaidhean againn. Tha sinn airson gum bi ar luchd-obrach a’ riochdachadh na shamhla de gach ceàrnaidh agus cinnidh. Ma tha feumalachdan no taic sam bith a dhìth sa phròiseas fastaidh, dèan cinnteach gun innis thu dhuinn san tagradh agad.
Tha an cothrom trèanaidh seo air a mhaoineachadh le British Film Institute, Alba Chruthachail agus MG ALBA.
Mar a chuireas tu tagradh a-steach
Cuir cunntas beatha thugainn gu [email protected] le d’ ainm agus an dreuchd a tha thu ag amas air mar chuspair a’ phost-dealain.